items in basket: 0 total: £0.00 view
  • E
  • G

About us

Macmeanmna is a Skye-based company that has come of age. It was set up twenty-one years ago as a result of the formation of a touring group consisting of a musician, two singers and a photographer. They were just going on the road with their audio-visual show Skye: the Island, and had decided to record a cassette of the music from the show for sale on the tour. The four in the group - Gaelic singers Arthur Cormack & Shona MacDonald, keyboard-player and accordionist Blair Douglas, and photographer Cailean Maclean, decided that there was mileage in developing the company, and Macmeanmna was born as a recording label.

Since then, the company has gone on to record nearly fifty albums in which Gaelic singing, piping and fiddling feature significantly. Macmeanmna has sold thousands of albums, proving that there is a market for Gaelic music, and we regularly supply contacts in the US, Canada, Germany, Spain, France and Japan, as well as the UK. Macmeanmna has also been involved in development work in traditional Gaelic music, staged numerous concerts, participated in the making of television programmes and carried out consultancy work.

Some years ago the celebrated singer, clarsach player and media personality, Mary Anne Kennedy joined Macmeanmna and her skills and experience have made a big contribution to the company's development.

We are keen to build up contacts with new retailers, new distributors in the UK and abroad, and would be happy to discuss licensing deals with companies wishing to take whole albums, or tracks from albums. Free samples are also available to companies wishing to stock or licence our product.

Co Sinn

Fàilte oirbh gu làrach-lìn Macmeanmna, companaidh a tha stèidhichte anns an Eilean Sgitheanach, agus a tha gu mòr a sàs ann a bhith leasachadh ceòl na Gàidhlig.

‘Sann bho chionn bliadhn’ thar fhichead a chaidh Macmeanmna a stèidheachadh. Ann an 1987 thachair gu robh buidheann de luchd-ciùil agus neach-camara am beachd sreath chuirm lèir-chlaisteach a chur air dòigh agus shaoil iad gum biodh e iomchaidh ‘cassette’ den cheòl a dhèanamh. Aig an àm bha Art MacCarmaig, Seòna Dhòmhnallach, Blàr Dùbhghlas agus Cailean MacGill-Eain an sàs anns an iomairt seo. Chaidh an ‘cassette’ fhoillseachadh, shoirbhich leis uamhasach math agus air saileabh seo chuir sinn romhainn Macmeanmna a stèidheachadh gus clàran eile a dhèanamh agus am foillseachadh.

Tha Macmeanmna air beagan agus leth-chiad clàr foillseachadh bhon uairsin agus tha seinn ‘sa’ Ghàidhlig, pìobaireachd no fìdhlearachd air a bhith sa mhòr-chuid dhiubh. Tha sinn air mìltean thar mhìltean de chlàran a reic, rud a tha dearbhadh gu bheil fèill air ceòl Gàidhealach. Tha sinn air a chuid bu mhotha dhiubh sin a reic ‘san dùthaich seo ach cuideachd chaidh an t-uamhas dhiubh a null thairis gu bùithtean a tha an sàs ann an ceòl cèilteach agus gu daoine aig a bheil ùidh anns a’ cheòl againne.

Tha Màiri Anna NicUalraig a-nis na ball de Mhacmeanmna agus leis cho ealanta ‘sa tha i ann an iomadh seadh tha i air mòran a dhèanamh gus piseach agus buaidh a thoirt air a‘ chompanaidh.