items in basket: 0 total: £0.00 edit
  • en
  • ga

Iain MacKay

Iain MacKay

Iain MacKay comes from Point on the Isle of Lewis, and has been singing at Ceilidhs and gatherings for many years. Iain won the traditional Gold Medal at the national Mod in Inverness in 1972, and won the Seann Nòs at the Pan Celtic Festival in Killarney a few years later. He has frequently sung at Celtic Connections, and has featured on many TV and radio programmes.

He is in great demand for the cèilidh circuit around the Highlands and Islands, and appears regularly at the Annual Gatherings in Glasgow. He has often been accompanied by some of Scotland’s finest musicians. Iain has also taught traditional Gaelic singing at some of the popular Fèisean throughout Scotland, including Ceòlas and Feis Bharraigh.

Iain first recorded many years ago with Gaelfonn which was owned by the late Murdo Ferguson, also from Point. He then recorded an LP, 'Voice of the Hebrides' with Lismore Recordings, which was a David Silver production. His most recent CDs, 'Seòladh' and 'Creag an Fhraoich' were produced by Macmeanmna.

Iain MacKay

Iain MacKay

’S ann às an Rubha ann an Leòdhas a tha Iain MacAoidh, agus tha air a bhith seinn aig cèilidhean is cruinneachaidhean fad iomadh bliadhna.

Bhuannaich Iain am Bonn Òir airson Seann Nòs aig a’ Mhòd Nàiseanta ann an Inbhir Nis ann an 1972, agus bhuannaich e an Seann Nòs aig an Fhèis Phan-Cheilteach beagan bhliadhnaichean ron sin ann an Cill Áirne. Tha e air seinn aig Celtic Connections grunn thursan, agus tha e air nochdadh air tòrr phrògraman telebhisean is rèidio. Tha iarrtas mòr air a shon aig cèilidhean air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, agus bidh e tric a’ seinn aig na Cruinneachaidhean Bliadhnail ann an Glaschu. Tha e air seinn còmhla ri cuid den luchd-chiùil as fheàrr ann an Alba tric thar nam bliadhnaichean. Tha Iain cuideachd air seinn Ghàidhlig thraidiseanta a theagasg aig cuid de na Fèisean as motha ann an Alba, nam measg Ceòlas is Fèis Bharraigh.

Rinn Iain a’ chiad chlàradh aige o chionn iomadach bliadhna còmhla ri Gaelfonn a bha le Murchadh Feargasdan nach maireann, a bha cuideachd às an Rubha. Chlàr e an uair sin LP, Voice of the Hebrides le Clàraidhean Lios Mòr, a bha air a riochdachadh le Dàibhidh Silver. Chaidh na clàraan as ùire aige, Seòladh agus Creag an Fhraoich, a dhèanamh le Macmeanmna.