Calum Ross

Choisinn Calum Ros Bonn Alba Nuaidh agus Bonn Òr Tìm an Òbain mus d’ fhuair e Bonn Òr a’ Chomuinn Ghàidhealaich ann an 1968 ann an Dùn Omhain. An uair sin, fhuair e am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs aig Mòd Pheairt ann an 1980. Chan eil ach àireamh glè bheag de sheinneadairean air na ceithir buinn sin a bhuinnig.

Bha comas seinn a’ ruith ann an teaghlach Chaluim. Bhiodh athair a’ cur a-mach na loidhne ann an Eaglais Shaor Duke Street an Glaschu agus bhiodh Eardsaidh agus Eachann, bràithrean athar, a’ seinn. Air an taobh eile, bhiodh Aonghas, bràthair a mhàthar, a’ seinn na pìoba agus thòisich Calum fhèin air a’ phìob nuair a bha e mu dhusan bliadhna a dh’aois. B’ ann aig Aonghas bho thùs a bha a’ phìob a chluicheas Calum chun an latha an-diugh.

Ged a rinn Calum clàr singilte le Thistle Records an dèidh dha Bonn Òr a’ Chomuinn a ghlèidheadh, bha e riamh na amas dha clàr nas fhaide a thoirt a-mach agus seo e - mu dheireadh thall - le measgachadh de na h-òrain a chlàraich e dhan BhBC agus feadhainn a chaidh a chlàradh a dh’aona ghnothach airson a’ chruinneachaidh seo.

Ged a rugadh Calum ann an Kildonan Drive ann an Glaschu b’ ann às an Eilean Sgitheanach a bha a phàrantan. Na òige, chuir e seachad ùine ghoirid ann an Sgoil Thornwood ach nuair a thòisich an cogadh, chaidh e gu Bun-sgoil Ùige. Thill e air ais a Ghlaschu an ceann trì bliadhna agus chuir e crìoch air fhoghlam sgoile ann an Àrd-sgoil Hyndland.

An dèidh Seirbheis Nàiseanta, chaidh Calum a dh’obair do dh’Urras Chluaidh mus deach e do dh’Oilthigh Ghlaschu. Cheumnaich e le MA agus an dèidh dha teisteanas teagaisg fhaighinn aig Colaiste Chnoc Iòrdain, chuir Calum seachad iomadh bliadhna ann an sgoiltean Ghlaschu, aig aon àm mar cheannard air Sgoil Cranhill.

An dèidh dha a dhreuchd a leigeil dheth ann an 1998, thòisich Calum air dreuchd ùr, a’ cur seachad dà latha san t-seachdain a’ teagasg Gàidhlig (agus uaireannan òran) ann an Conservatoire Rìoghail na h-Alba an Glaschu.

Tha Calum air a bhith na bhall de Chòisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn bho mheadhan nan leth-cheudan agus tha e air mòran bhliadhnaichean a chur seachad an sàs ann an Comunn Sgitheanaich Ghlaschu. Bidh e fhathast a’ seinn aig cèilidhean agus cuirmean thall ’s a bhos agus, mar a chluinnear air a’ chlàr seo, tha a ghuth seinn fhathast air a ghleusadh.

------