Kenna Campbell

Buinidh Ceana Chaimbeul don Ghrìob anns an Eilean Sgitheanach agus do theaghlach aig a bheil ùidh mhòr ann an ceòl is òrain. Choisinn i am Bonn Òr aig Mòd 1959. Thug i iomadh bliadhna a' teagasg ann an sgoiltean taobh Ghlaschu. Bha i mu dheireadh os cionn sgoil san robh clann aig an robh feumalachdan sònraichte mus do ghabh i dreuchd mar òraidiche aig Acadamaidh Rìoghail Ceòl is Dràma na h-Alba, an RSAMD, a' teagasg air a' chùrsa BA Ceòl Albannach. 'S iomadh oileanach a tha an-diugh cliùiteach a tha an comain Cheana airson an oideachadh.

Bha i na ball den chòmhlan-ciùil Na h-Eilthirich agus chuidich i a' cur air chois am buidheann luaidh Bannal. Tha i air pàirt a ghabhail ann an iomadh prògram telebhisean agus rèidio agus air seinn an iomadh ceàrnaidh. 'S i a sheinn Salm 23 ri a fonn fhèin aig an tòrradh aig Iain Mac a' Ghobhainn a bha na cheannard air a' Phàrtaidh Làbarach agus tha seo a' nochdadh air a' chlàr Lasair Dhè.

Bha i a' teagasg aig a' chiad fhèis ann am Barraigh agus bha i cuideachd am measg an fheadhainn a rinn an t-strì airson ionad Gàidhlig a stèidheachadh ann an Sgoil Sir John Maxwell ann an Glaschu a lean air adhart gu Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.

Chaidh duais Sàr Ghàidheal a thoirt dhi le Sabhal Mòr Ostaig ann an 2009 airson na rinn i às leth a' chànain agus foghlam Gàidhlig an Alba agus, ann an 2017, chaidh MBE a bhuileachadh oirre.

Kenna Campbell is recognised as one of the principal tradition bearers of contemporary Gaelic Scotland. From Greepe, near Dunvegan on the Isle of Skye, and now living in Glasgow, she belongs to a family of singers and pipers – the Campbells of Greepe – and is the mother of Cliar singer, Mary Ann Kennedy. Her greatest passion is for the òran mòr or the “big song” in classical Gaelic tradition, and the family as a whole share a special talent in the singing of mouth music or puirt a beul.

Her love of song is matched by that of her desire to pass on this knowledge and skill to a new generation of singers. Her role as prinicipal tutor in Gaelic Song at the RSAMD’s Scottish Music degree was characterised by a contemporary approach matched with a respect for the roots of tradition.

In 2009, Sabhal Mòr Ostaig awarded her the Sàr Ghàidheal honour and in 2017 she was appointed MBE in the Queen's honours list.